'Fo ghrèin loisgich nan Innsean': na h-Innseachan an Ear tro shùilean Gàidhealach

Kidd, S. M. (2014) 'Fo ghrèin loisgich nan Innsean': na h-Innseachan an Ear tro shùilean Gàidhealach. Transactions of the Gaelic Society of Inverness, LXVI, pp. 141-173.

Full text not currently available from Enlighten.

Publisher's URL: http://www.gsi.org.uk/

Abstract

Ann an co-theacsa eilthireachd às a’ Ghàidhealtachd anns na 18mh agus 19mh linntean tha pailteas de iomraidhean bho, agus sgrùdaidhean air, na Gàidheil a dh’fhalbh do dhùthchannan eile, gu h-àraid a Chanada agus, gu ìre nas lugha, dha na Stàitean agus a dh’Astràilia. Gheibhear fiosrachadh mu bheatha nan eilthireach seo, na duilgheadasan a bha rompa, mar a shoirbhich leotha, agus mar a dh’atharraich an cànan agus cultar a rèir na beatha ùir seo. ’S e fear de na rudan a tha a dhìth ann an sgoilearachd Ghàidhlig gu ruige seo fiosrachadh mu na Gàidheil a chaidh do dhùthchannan cèine eile aig àm na h-eilthireachd mhòir. Feumar cuimhneachadh gu bheil am facal ‘eilthireach’ a’ toirt a-steach an dà chuid duine a tha falbh a lorg dachaigh ùr ann an dùthaich eile ach cuideachd duine a tha air togail air do dh’àiteigin eile – an lùib obrach, mar eisimpleir – ach a tha an dùil tilleadh dhachaigh. ’S ann air an dàrna seòrsa eilthireach seo, an t-eilthireach shealach, a tha fòcas an sgrùdaidh seo agus e a’ beachdachadh air Gàidheil agus na h-Innseachan an Ear tro fhianais nan tùsan Gàidhlig gu h-àraid, agus na mìltean aca anns a’ cheàrn sin den t-saoghal anns na 18mh agus 19mh linntean, mar as tric mar sheirbheisich Companaidh nan Innseachan an Ear neo Ìmpearachd Bhreatainn. Tha farsaingeachd de rannsachadh ann mu Bhreatannaich agus Albannaich anns na h-Innseachan an Ear agus tha obair luachmhor Anndra Mhic’Illip air cur ris an dealbh a tha againn air Gàidheil an sin, mar eisimpleir na chuid rannsachaidh air an Ridire Eachann Rothach Nobhàr. Anns a’ phàipear seo coimheadar air na bha aig Gàidheil ri ràdh nan cànan fhèin, a’ tarraing gu sònraichte air òrain agus bàrdachd, airson tuigse nas fheàrr fhaighinn air àite nan Innseachan ann an saoghal agus inntinn nan Gàidheal.

Item Type:Articles
Status:Published
Refereed:No
Glasgow Author(s) Enlighten ID:Kidd, Dr Sheila
Authors: Kidd, S. M.
Subjects:P Language and Literature > PB Modern European Languages > PB1501 Scottish Gaelic Language
College/School:College of Arts & Humanities > School of Humanities > Celtic and Gaelic
Journal Name:Transactions of the Gaelic Society of Inverness
Publisher:Gaelic Society of Inverness
ISSN:0958-5451
ISSN (Online):0958-5451

University Staff: Request a correction | Enlighten Editors: Update this record