Comas cànain oileanaich a chaidh tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig gun Ghàidhlig san dachaigh

MacMillan, G. (2012) Comas cànain oileanaich a chaidh tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig gun Ghàidhlig san dachaigh. In: Rannsachadh na Gàidhlig 7, University of Glasgow, Glasgow, UK, 21-23 Aug 2012, (Unpublished)

[img]
Preview
Text
91628.pdf - Submitted Version

280kB

Abstract

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air leudachadh gu mòr ann an Alba bho thòisich e an toiseach ann am meadhan nan 1980an. Tha a-nis còrr air 2000 duine cloinne ann an Alba a’ faighinn an cuid foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig. Chan eil Gàidhlig aig a’ chuid as motha de phàrtantan na cloinne agus tha sin ag adhbhrachadh duilgheadasan sònraichte nuair a thig e gu bhith a’ ruigsinn fileantachd ann an Gàidhlig. Anns an rannsachadh seo bidh mi a’ sgrùdadh obair sgrìobhte oileanaich a chaidh tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus aig nach eil pàrantan le Gàidhlig a thaobh nam mearachdan a tha a’ nochdadh nan cuid gràmair. Bidh mi a’ togail air rannsachaidhean air a’ chuspair seo leithid Bateman (2010) agus MacAmhlaigh (1986) agus a’ beachdachadh air mar a tha an cuid sgrìobhaidh a’ dol a rèir riaghailtean stèidhte grammar na Gàidhlig . Bidh mi cuideachd a’ dèanamh sgrùdadh air fianaisean ann an rannsachaidhean leithid Matras (2009) air mar a tha cànanan ag atharrachadh fo bhuaidh cànan eile.

Item Type:Conference Proceedings
Status:Unpublished
Refereed:No
Glasgow Author(s) Enlighten ID:MacMillan, Mr Gillebride
Authors: MacMillan, G.
College/School:College of Arts & Humanities > School of Humanities > Celtic and Gaelic
Related URLs:

University Staff: Request a correction | Enlighten Editors: Update this record