Comasan Labhairt ann an Gàidhlig: Frèam-obrach airson ionnsachadh na Gàidhlig le inbhich

Carty, N. (2018) Comasan Labhairt ann an Gàidhlig: Frèam-obrach airson ionnsachadh na Gàidhlig le inbhich. Rannsachadh na Gàidhlig 10, Edinburgh, UK, 28-30 Aug 2018.

[img]
Preview
Slideshow
167974.pdf

623kB

Abstract

Is e aon dhe na h-amasan ath-bheothachaidh cànain aig Bòrd na Gàidhlig clàran-tomhais Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh inbheach agus an tidsearan a chruthachadh. An-dràsta, tha luchd-rannsachaidh air a’ phròiseact ‘Comasan Labhairt ann an Gàidhlig’ (CLAG) a’ leasachadh feadhainn dhe na clàran-tomhais sin, a tha a’ dèiligeadh ri cainnt. Anns an taisbeanadh seo, bheir mi cunntas dhen adhartas a thathar air dèanamh gu ruige seo air a’ phròiseact. Tha na clàran-tomhais stèidhichte air corpas a chaidh a thogail ann an 2015. Rinn 96 luchd-labhairt na Gàidhlig – 80 luchd-ionnsachaidh agus 16 fileantaich – eacarsaichean cainnt, a’ gabhail a-steach agallamh neo-fhoirmeil, gnìomh sgeulachd, agus gnìomh airson structaran gràmarach fhaighinn. Tha tidsearan Gàidhlig do dh’inbhich air dàta a’ chorpais a mheasadh, a’ cleachdadh an t-Siostam Chumanta Eòrpaich airson Measadh Ionnsachadh Chànan (SCEMIC – ‘Common European Framework of Reference for Language Learning’). Chòdaicheadh an dàta airson tuairisgeul mhionaideach sgilean cànain a thoirt gu ìre, a’ gabhail a-steach feartan fileantas, ceartachd, agus fuaimneachadh. Chleachdadh measaidhean nan tidsearan, còmhla ri nam mion-tuairisgeulan, airson dealbh a dhèanamh dhe sgilean cànan gach neach-labhairt sa chorpas. Ceangailear na clàran-tomhais leis an t-SCEMIC, agus le frèam-obrach ionnsachadh Gàidhlig an Ùghdarrais Theisteanas na h-Alba. Crìochnaichidh mi le tuairisgeul air na ceumannan a tha romhainn airson frèam-obrach ChLAG a thoirt gu buil.

Item Type:Conference or Workshop Item
Keywords:Gàidhlig, Gaelic, CEFR, SLA, LOTEs.
Status:Published
Refereed:Yes
Glasgow Author(s) Enlighten ID:Carty, Dr Nicola
Authors: Carty, N.
Subjects:P Language and Literature > P Philology. Linguistics
P Language and Literature > PB Modern European Languages > PB1501 Scottish Gaelic Language
College/School:College of Arts & Humanities > School of Humanities > Celtic and Gaelic

University Staff: Request a correction | Enlighten Editors: Update this record