Comasan labhairt ann an Gàidhlig

Carty, N. (2015) Comasan labhairt ann an Gàidhlig. 15th International Congress of Celtic Studies, University of Glasgow, Scotland, 13-17 Jul 2015. (Unpublished)

[img]
Preview
Text
108306.pdf - Accepted Version

484kB
[img]
Preview
Text
108306(1).pdf - Accepted Version

95kB

Publisher's URL: http://www.celticstudiescongress.org/index.php/home/

Abstract

Tha Bòrd na Gàidhlig air cudrom a chur air ròl luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig ann an ath-bheothachadh a’ chànain. Aig an aon àm, ge-tà, tha easbhaidhean ann am poileasaidhean a thaobh foghlam cànain a’ cur dùbhlain orra agus iad airson an ròl sin a choileanadh. ’S e fear dhe na h-easbhaidhean sin nach eil dòigh ann a tha stèidhichte air dàta dearbhte airson measadh agus tuairisgeul air sgilean cànain a dhèanamh. Tha am pròiseact Comasan Labhairt ann an Gàidhlig (CLAG) airson aghaidh a chur air an easbhaidh seo tro mheadhan frèam-obrach airson teagasg agus ionnsachadh na Gàidhlig. Rinn luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig, aig gach ìre fileantais, eacarsaichean a’ gabhail a-steach agallamh neo-fhoirmeil, gnìomh sgeulachd, agus gnìomh airson structaran gràmarach fhaighinn. Cleachdar an dàta seo airson corpas Gàidhlig bheòil a chruthachadh, a bhios na bhun-stèidh de chlàran-tomhais Ghàidhlig airson luchd-ionsachaidh inbheach agus an tidsearan. Anns an taisbeanadh seo, bheir mi cunntas dhen adhartas a thathar air dèanamh gu ruige seo air a’ phròiseact, agus nì mi tuairisgeul air na ceumannan a tha romhainn airson an fhrèam-obraich a chruthachadh. Nì toraidhean CLAG cinnteach gum faigh luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig goireas deatamach, coltach riutha sin airson cànain Eòrpach eile, leithid Beurla, Duitsis, agus Gàidhlig na h-Èireann. Cuideachd, cuiridh am frèam-obrach ri àrdachadh anns an àireamh de luchd-ionnsachaidh a bhios a’ ruighinn fileantachd ann an Gàidhlig.

Item Type:Conference or Workshop Item
Status:Unpublished
Refereed:Yes
Glasgow Author(s) Enlighten ID:Carty, Dr Nicola
Authors: Carty, N.
Subjects:P Language and Literature > P Philology. Linguistics
P Language and Literature > PB Modern European Languages > PB1501 Scottish Gaelic Language
College/School:College of Arts & Humanities > School of Humanities > Celtic and Gaelic
Copyright Holders:Copyright © 2015 The Author
Publisher Policy:Reproduced with the permission of the author

University Staff: Request a correction | Enlighten Editors: Update this record

Project CodeAward NoProject NamePrincipal InvestigatorFunder's NameFunder RefLead Dept
668021CLAGRoibeard O MaolalaighBord na Gaidhlig (BNG)BnG-6-1314-02-bHU - CELTIC AND GAELIC